Air a' chiad shealladh, tha coltas uaigneach, gun bheò air a' Ghàidhealtachd ach tha beartas fiadh-bheatha anns an àite chruaidh seo, ma tha fhios agad càite an coimhead thu. Ged a tha
.. show full overview
Air a' chiad shealladh, tha coltas uaigneach, gun bheò air a' Ghàidhealtachd ach tha beartas fiadh-bheatha anns an àite chruaidh seo, ma tha fhios agad càite an coimhead thu. Ged a tha na ràithean cruaidh 's gun na cothromanan ach gann, tha ainmhidhean agus daoine an-còmhnaidh air dòigh fhaighinn gus soirbheachadh an seo, a' tionndadh duilgheadas gu buannachd.
Ann an ceithir phrògraman, bidh Seumas Dòmhnallch ag aithris air cridhe fiadhaich na h-Alba, a' Ghàidhealtachd.
Gar toirt tro na raithean, chìthear bho dheireadh a' Mhàrt agus na beanntan a' Mhonaidh Ruaidh fo smàl nam falaisgearan gu dùnadh a' gheamhraidh agus sealgairean leithid iolairean-buidhe a' gluasad astar fada airson biadh fhaighinn.