Greim-Bìdh le Gregor
Episode 6 (1x6)
Data emisji: Sie 25, 2025
Tha Gregor MacLeòid dealasach mu bhiadh ionadail. Bho dhachaigh ann an Leòdhas, tha e a’ sealltainn far am bi e a’ dol airson a’ bhìdh as fheàrr.
Tha Gregor a’ coinneachadh ri neach-buana feamad a tha ga chuideachadh a’ cruinneachadh ceilpe. Tha e a’ toirt an t-sàr-bhiadh seo dhachaigh ‘son a chur ann an cèic churrain. Tha salann nàdarra na feamad a’ cothromachadh mìls’ na cèice.
Agus tha reasabaidh aige airson briosgaidean cagnach, teòclaid. Mura h-eilear gan ithe sa bhad, tha Gregor a’ sealltainn mar a ghabhas an cleachdadh airson cèic tais a dhèanamh. Air am bogadh ann an liciùr uachdar Èireannach agus air a chòmhdach le bàrr, seo a’ chèic as fheàrr a ghabhas dèanamh ro-làimh.
Tha Gregor a’ tadhal air eileanaich a th’ air an t-seada aca a thionndaidh na bhùth. An sin, tha e a’ togail buntàta agus uinneanan ionadail a tha e a’ cleachdadh airson tart càise. Sìmplidh, ach blasta.
- Premiera: Lip 2025
- Odcinki: 6
- Obserwujący: 0