Greim-Bìdh le Gregor
Episode 4 (1x4)
Data emisji: Sie 11, 2025
Tha Gregor MacLeòid dealasach mu bhiadh ionadail. Bho dhachaigh ann an Leòdhas, tha e a’ sealltainn dhuinn far am bi e a’ dol airson a’ bhìdh as fheàrr.
‘S e Tirami-choux – ga thuigs’? – a’ chiad rud air a’ chlàr-bìdh. Abair fiùisean de mhìlsean. Tha bonnaich choux Frangach air an lìonadh le uachdar, agus le buaidh tiramisu air, tha an t-uachdar làn blas a’ chofaidh. Tha iad air an togail nan càrn agus air an còmhdach le teòclaid. Iongantach is leòmach, bidh na h-aoighean air an dòigh.
Tha an deli air an eilean na thèarmann do Gregor. Tha e a’ togail sitheann a chaidh a chiùradh gu h-ionadail, càise Albannach agus measgachadh dathte de antipasti. Tha Gregor ga chuir gu feum ann an stromboli, lof Eadailteach luma-làn blas.
Aig oighreachd ionadail, tha Gregor a’ togail stuthan airson wellington tunnaige a dhèanamh. Taois cleiteach anns a bheil mousse càl-bloinigein agus broilleach-feòla tunnaige.
- Premiera: Lip 2025
- Odcinki: 6
- Obserwujący: 0