Greim-Bìdh le Gregor
Episode 3 (1x3)
Data emisji: Sie 04, 2025
Tha Gregor MacLeòid dealasach mu bhiadh ionadail. Bho dhachaigh ann an Leòdhas, tha e a’ sealltainn dhuinn far am bi e a’ dol airson a’ bhìdh as fheàrr.
Tha e a’ dol chun a’ bhuidsear a dh’ionnsachadh mar a nì e marag dhubh ainmeil Steòrnabhaigh. Tha reasabaidh sònraichte aige airson brunch; rostis buntàta le marag dhubh, ugh slaopte is sabhs hollandaise.
Dè as ionadail na do ghàrradh fhèin? ’S ann an seo a tha seileanan Gregor. Tha reasabaidh aige airson cèic-chàise loisgte Basgach le dàth àlainn òir. Tha a mhil fhèin a’ toirt blas air leth don chèic a tha cho aotrom ri souffle.
Tric a’ cur fàilt’ air aoighean, tha Gregor deisealachadh airson pàrtaidh le fìor bhlasad eileanach – mòine. Tha e ga chleachdadh airson creachain sùghmhor a smocadh agus gan gabhail air blinis le puree biotais. A’ ghreimeag as fheàrr airson a ghabhail le fizz.
- Premiera: Lip 2025
- Odcinki: 6
- Obserwujący: 0