Greim-Bìdh le Gregor
Episode 2 (1x2)
Data emisji: Lip 28, 2025
Tha Gregor MacLeòid dealasach mu bhiadh ionadail. Bho dhachaigh ann an Leòdhas, tha e a’ sealltainn dhuinn na daoine agus na h-àiteachan gum bi e a’ dol airson a’ bhìdh as fheàrr.
Tha Gregor ann an Steòrnabhagh ag ionnsachadh mu bhith a’ dèanamh chioparan. A’ tilleadh dhachaigh, tha e a’ dèanamh croquettes chioparan le dreach Spàinneach is am mayo aige fhèin.
Tha Gregor gu math pròiseil mu na 16 cearcan a tha ga sholarachadh le pailteas uighean. Tha e a’ sealltainn dhuinn mar a tha e gan cuir gu feum anns an tùr phabhlòbha iongantach aige. Gus nach tèid càil a dhìth, tha e a’ cleachdadh nam buidheagan a th’ air fhàgail airson curd soileir-purpaidh a dhèanamh le smeuran. Thèid seo eadar gach filleadh dhen phabhlòbha.
Feumar rudeigin milis le cofaidh. Tha Gregor a’ dèanamh briosgaidean uafair air am bogadh ann an teòclaid is cnòthan-calltainn airson a ghabhail le flat white.
- Premiera: Lip 2025
- Odcinki: 6
- Obserwujący: 0