Greim-Bìdh le Gregor
Episode 1 (1x1)
Data emisji: Lip 21, 2025
Tha Gregor MacLeòid dealasach mu bhiadh ionadail. Bho dhachaigh ann an Eilean Leòdhais, tha e a’ sealltainn dhuinn na daoine agus na h-àiteachan gum bi e a’ dol airson a’ bhìdh as fheàrr.
Air taobh sear an eilein, tha e a’ coinneachadh ri iasgair às an eilean gus na muasgain-caola as ùire fhaighinn airson paella mòr dathach. Seo dreach eileanach air fèist às na Meadhan-thìrean.
Tha e cuideachd a’ dol gu bothan beag taobh an rathaid gus silidh sùbhaig a chaidh a dhèanamh aig an taigh fhaighinn. Tha e a’ cleachdadh seo ann an reasabaidh a bheir fìor chofhurtachd do dhuine sam bith – roly-poly silidh.
Do Ghregor, chan eil càil nas fheàrr na càise. Tha e a’ còrdadh ris a bhith a’ dèanamh oidhirp a bharrachd nuair a thig e gu bhith ag ullachadh clàr le càise. Tha e ag innse mun reasabaidh aige airson briosgaidean measan is cnothan, airson a ghabhail cuide ri taghadh dhen chàise as fheàrr leis.
- Premiera: Lip 2025
- Odcinki: 6
- Obserwujący: 0